| O deoch-slainte mo ghaisgich
|
| 'S coir a faicinn 'ga lionadh
|
| Us a cumail an cleachdadh
|
| Mar fasan da rireadh
|
| H-uile fear leis nach ait i
|
| F’agam esan an iotadh
|
| Bhith 'ga h-ol gur h-e b’annsa
|
| Ma’s branndaidh no fion i
|
| Gur e b’annsa, gur e b’annsa
|
| 'S a Dhomhnuill oig Abraich
|
| Do shlainte gum faic mi mun’n cuairt i
|
| An t-og firinneach smachdail
|
| Nach robh tais an am cruadail
|
| 'S beag iongnadh an t-ardan
|
| Bhith gu h-ard ann ad ghruaidhean
|
| 'S a liuthad fuil rioghail
|
| Tha sioladh mu d’ghuillibh
|
| 'S a liuthad fuil, 's a liuthad fuil
|
| 'S dearbhadh air sin Sliabh a' Chlamhain
|
| Gun d’fhuair sibh barrachd an cruadal
|
| Thug thu an duthchas o d’sheanair
|
| B’ard-cheannard air sluagh e
|
| Tha mo dhuil anns an Trianaid
|
| Ma’s ni thig gu buaidh e
|
| Gum faic mi thu ad Dhiuca
|
| An deidh an crun ud a bhuannachd
|
| 'Is 'nad Dhiuc', 'is 'nad Dhiuc'
|
| Cha b’e siubhal na slainte
|
| Bh’aig a' ghraisg us a’teicheadh
|
| 'S iomadh cota ruadh maduir
|
| Bh’anns an araich gun leithcheann
|
| Agus slinnein o’n ghualainn
|
| Agus cnuac chaidh a leagail
|
| Le luths nam fear laidir
|
| Ghabh an t-ardan gun eagal
|
| Le luths nam fear, le luths nam fear… |